Fàsaidh rud sam bith.

Ann an 2022 tha sinne a’ fàs ann an ciùbaichean soillseach.

Tha sinn a’ fàs ann an sgoiltean, a ‘ fàs suas lampaichean-sràide, ann an eileanan agus ann am bailtean mòra.Tha sinn a’ fàs ri ceòl feuch an toir sin air rudan fàs nas luaithe. Tha sinn a’ roinn na dh’fhàsas sinn , a’ dèanamh iomlaid air diathadan agus a’ cumail fèilltean foghair san nòs ùr. Chan ann ann an gàraidhean a-mhàin a tha sinn a’ fàs, ach ann am poitean-peant agus ann an cartonan bainne agus ann an rud sam bith eile as urrainn dhut ùir a chur ann. Chan eil eòlas gu diofar. Chan eil na aois, na comas no a bheil thu air dad dhe leithid a dhèanamh roimhe. ‘S ann mu dheidhinn tighinn còmhla a tha seo airson fàs, cruthachadh, beachdan agus glasraich chnapach a roinn.

Seo Beàrnan-Brìde. Bliadhna do dhuine sam bith, dòigh sam bith is uair sam bith a chionn ‘s, am bliadhnasa, gur urrainn do rud sam bith fàs.

Cubes of Perpetual Light
Cubes of Perpetual Light. Photography by Alan McAteer.

Ar Prògraman

Thigibh còmhla ruinn airson tòiseachadh air biadh, ceòl is beachdan fhàs, a roinn is a mhealtainn, ann agus còmhla ris a’ choimhearsnachd agaibh fhèin.

Faicibh na prògraman air fad

Tha rudeigin diofraichte a’ freumhachadh …

‘S e prògram miannach cruthachail a tha ann am Beàrnan-Brìde a’ sealltainn neart a’ cho-ghnìomh agus airson an ceangal ath-lorg ris a’ bhiadh a bhios sinn ag ithe agus an toileachas à roinn na bhios sinn a’ fàs agus a’ deasachadh le deagh cheòl. Is an ath-ghinealach cruthachail aig a stiùir.

Freumhaichte ann an Alba, le feallsanachd eadar-nàiseanta agus seo-sheasmhachd na chridhe, leanaich prògram a’ Bheàrnain- Bhrìde bogha seusan an fhàis bhon Ghiblean chun na Sultaine 2022, agus crìochnaichidh e anns na ceudan de dh’Fhèilltean Foghair air feadh na h-Alba.

Tachraidh deuchainnean ann am fàs a tha air a ghreasad air le teigneòlas ri dòighean salach fàis rè seusain ùir.

Tionnsglamaid e mar a tha sinn a’ fàs …

Cothroman

Gabhaidh Beàrnan-Brìde dòigh air leth a thaobh fàs sa choimhearsnachd, a’ toirt còmhla luchd-ealain, luchd-dèanaimh, eòlaichean, luchd-cluiche agus teigneòlaichean airson tachartasan agus prògraman a chur an cèill air feadh na h-Alba – bho na h-eileanan as iomallaiche gu meadhan a bailtean mòra.

Faighibh tuilleadh a-mach mu chothroman cosnaidh a tha ann an-dràsta agus na dòighean eile san urrainn dhuibh compàirt a ghabhail ann am Beàrnan-Brìde.

Iarraibh ar cuairt-litir agus gabhaibh compàirt ann am Beàrnan-Brìde.

Mu ar deidhinn